Tha sinn air a’ chlann fhaicinn ag obair gu cruaidh gus càfaidh Latha Naomh Anndra fhosgladh. Rinn iad liosta airson a’ bhùth, cheannaich iad an stuth agus rinn iad bròt iad fhèin! Bha iad cho trang a’ dèanamh ealain cuideachd.
Thàinig na pàrantan agus fhuair iad am bròt a rinn sinn. Seinn sinn òran neo dhà agus chluich sinn geama còmhla cuideachd – Bingo! Tapadh leibh dha na pàrantan airson tighinn!
Bha sinn cho fortanach gun tàinig màthair Dhaniel a-steach airson spòrs a dhèanamh. Bha Clas 1 còmhla agus bha na geamaichean dìreach sgoinneil! Mòran taing Louise!
Thanks to the Parents!
We have seen the children working so hard for their St. Andrews Day Cafe opening. They had made a list for the shop, bought all their ingredients and made a soup themselves! They were also busy making Scottish themed art for the occasion.
The parents arrived and had soup that the children had made. We sang a song or two and we all played a game together – Bingo! Thank you very much to the parents for coming!
We were also so lucky to have Daniel’s mum come in for sports. GME P1 joined us and the games were fantastic! Thanks so much Louise!











